Skip to content

CULTARLANN INBHIR NIS

Cultar, Cànan, Còmhla

THOIR TABHARTAS

CULTARLANN INBHIR NIS

Cultar, Cànan, Còmhla

THOIR TABHARTAS

CULTARLANN INBHIR NIS

Cultar, Cànan, Còmhla

THOIR TABHARTAS

Fàilte!

Na tha sinn ag iarraidh

Tha sinne ag iarraidh àite dha na Gàidheil ann an Inbhir Nis!

Àite freagarrach airson ar Cànan is ar Cultar a thoirt Còmhla

Picture of folk walking over a bridge
Picture of a man singing
fiona
Picture of a child playing an accordian
Picture of a performer
Picture of a storyteller
Picture of two ladies talking
Picture of a guitarist playing
Picture of a child playing a Bodhran
Picture of a singer

Cultarlann… dè th’ ann?

Ar n-amas

Tha sinn ag amas air àite cruinneachaidh airson a h-uile duine aig a bheil ùidh ann an cànan is cultar na Gàidhlig far am bi còmhradh, ionnsachadh agus càirdeas gus a’ Ghàidhlig, a cultar agus a traidiseanan a chomharrachadh agus a neartachadh ann an suidheachadh beothail agus far am bi fàilte air a h-uile duine.

Cultar Canan Còmhla,Singing Workshop
Picture of campaign group

Cò sinne?

’S e companaidh earranta le inbhe catharranais a th’ ann an Cultarlann Inbhir Nis a chaidh a stèidheachadh ann an 2020 leis an amas Ionad Cultarail Gàidhlig a chruthachadh ann an Inbhir Nis. Sheall Sgrùdadh a chaidh a choimiseanadh le Urras Dualchais na h-Alba agus air a stiùireadh leis an Impact Hub ann an 2018, gun robh taic làidir ann airson a leithid de Ionad. An seo, b’ urrainn do mhuinntir an àite, luchd-labhairt na Gàidhlig, luchd-ionnsachaidh, luchd-tadhail agus a h-uile duine aig a bheil ùidh sa chànan agus sa chultar coinneachadh gu sòisealta gus an cànan a chleachdadh ann an raon farsaing de thachartasan chultarail, clasaichean cànain a fhrithealadh, ceanglaichean a neartachadh agus an coimhearsnachd Gàidhlig a thoirt còmhla.

Air a’ Bhòrd-stiùiridh tha Alasdair Forbais, Gwen Bowie, Ailean MacBheatha, Emily NicDhòmhnaill, Daibhidh Boag, Murchadh Caimbeul, Mike Danson agus Mairead Mulholland. Tha Bòrd na Gàidhlig a’ maoineachadh Oifigear Pròiseict, Ms Susanne NicDhòmhnaill agus Rianaire nam Meadhanan Sòisealta.

Naidheachd  Màirt  2024

Tha Bòrd Chultarlann Inbhir Nis air leth toilichte innse dhuibh gun d’ fhuair sinn na h-iuchraichean airson Cultarlann Inbhir Nis air Sràid na h-Acadamaidh, Inbhir Nis. Tha e na urram dhuinn a bhith nar luchd-seilbh air an togalach eachdraidheil seo. Tha gu leòr obair roghainn a-nis gus an togalach ùrachadh. Cùm sùil a-mach air na meadhana sòisealta gus faighinn a-mach dè tha dol. Ma tha duine sam bith airson taic a chur thugainn gu saor-thoileach ann an dòigh sam bith, bhitheamaid gu math toilichte cluinntinn bhuaibh.   

Tha an iomairt gu ruige seo air taic fhaighinn bho raon de luchd-maoineachaidh, is iad Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean, Bòrd na Gàidhlig, Maoin Mathas Coitcheann Inbhir Nis, Maoin Dualchais Ailtireachd agus Enterprise Scotland. Tha an taic aca a’ dearbhadh gu soilleir an tabhartas luachmhor sòisealta is eaconamach a dh’fhaodas cànan is cultar na Gàidhlig a thoirt do dh’ Inbhir Nis agus don Ghàidhealtachd.

A bharrachd air sin, tha sinn air leth taingeil don 600 neach a sheall an taic agus an creideas sa phròiseact le bhith a’ cur cho fialaidh ris an dà Crowdfunder. Taing mhòr dhuibh uile.

east church image
Cultarlann, keys to church.

Thoir tabhartas

Tha sinn an-dràsta a’ togail airgead airson àite a cheannach neo a thogail airson Cultarlann Inbhir Nis. Ma tha thu airson cuideachadh leis an amas seo feuch an toir thu seachad tabhartas don iomairt Crowdfunding againn le bhith a’ cliogadh air a’ phutan gu h-ìosal/an seo.

Eisimpleir de Chultarlann eile

Nach leugh thu mu Chultarlann soirbheachail ann an Èireann …

Picture of Cultarlann, Ireland

Cuir fios thugainn

* riatanach

Foirm ballrachd

Ma tha ùidh agad a bhith nad bhall brùth air an fhoirm gu h-ìosal airson tuilleadh fiosrachaidh. 

Àite far an cluinn sinn Cànan na Gàidheil!

Suas togamaid Gàidhealtachd nuadh
Le eanchainn, braon-gruaidh agus dòirn,
Gàidhealtachd às ‘n dèanar uaill,
Àit’ àrd, uasal aig cànan is ceòl
S biadh beathail aig spiorad is brù
Ri fhaotainn a ghnàth air do bhòrd.

Let us build up a new Highlands
With brain, sweat of cheek and by hand
Highlands of which we can be proud
An exalted noble place for language and music
With life-giving food for spirit and body
Always available on your table

Logo

Cuir fios thugainn

CUIR FIOS THUGAINN
failte@cultarlann.scot

HIE_Logo_RGB_Web
Inverness (1) (1)

Chaidh an làrach-lin seo a leasachadh le taic bho Bhòrd na Gàidhlig.

ahf_logo_strapline_address

‘S e carthannas Albannach, SC050549, a th’ ann an Cultarlann Inbhir Nis, air a riaghladh le Riaghladair Carthannais na h-Alba (OSCR) | Taigh nan Companaidhean: SC653865 | Poileasaidhean Prìobhaideachd